Prìomh fhiosrachadh
Tha uisge glè chudromach agus faodaidh e buaidh a thoirt air ar beatha ann an diofar dhòighean.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mar a bhios uisge a' toirt buaidh air ar beatha làitheil
- Mar a bhios tuil air adhbhrachadh
- Mar a bhios tart air adhbhrachadh
- Mar a bhios daoine a' làimhseachadh shuidhichidhean dian san aimsir
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mun bhuaidh a bhios an t-uisge a' toirt air ar beatha làitheil.
Ann an Alba, tha sinn cleachdte ris an uisge. Rug dòrtadh air a' mhòr-chuid againn uair air choreigin no bha sinn a' feitheamh ri bus anns an uisge.
'S dòcha nach toigh leinn e, ach tha an t-uisge cudromach. Bidh e a' toirt buaidh air ar beatha ann an iomadh dòigh – chan anna-mhàin gar fàgail fliuch.
Tha uisge cudromach do bheathaichean agus lusan airson fàs agus a bhith beò.
Tha an t-uisge a' toirt buaidh oirnne cuideachd. Tha an t-uisge san tap a' tòiseachadh mar uisge-adhair. Bidh sinn ag òl seo agus ga chleachdadh airson frasan agus san amar. Nuair a tha an t-uisge ann, feumaidh sinn smaoineachadh dè an t-aodach a chuireas sinn oirnn agus 's dòcha gum feum sinn bus, càr no trèan a ghabhail an àite coiseachd no falbh air baidhsagal.
Ach dè thachras nuair nach fhaigh sinn an uiread ceart de dh'uisge? Faodaidh sin sìde anabharr a thoirt dhuinn agus dh'fhaodadh cus uisge tuiltean adhbharachadh.
Ma tha an talamh gu math tioram agus cruaidh, cha shruth an t-uisge air falbh ceart.
Uaireannan eile, bidh uisge mòr ann thar ùine mhòr. Bidh cus uisge san talamh agus bidh e bàite. Tha sin a' ciallachadh gum bi an talamh mar spong a tha cho làn uisge 's nach gabh e an còrr.
Bidh an t-uisge a bharrachd a' dol a dh'uillt agus a dh'aibhnichean. Uaireannan bidh aibhnichean ro làn air sgàth 's an uisge-adhair a bharrachd, agus brisidh na bruaichean.
Faodaidh tuiltean siubhal a dhèanamh doirbh. 'S dòcha gum bi rathaidean agus drochaidean dùinte. Dh'fhaodadh gum bi maill air trèanaichean 's air busaichean agus feumaidh sinn planadh ro-làimh.
'S e ceann an Ear-thuath nan Innseachan fear de na h-àitichean as fliche air an t-saoghal. Anns na coilltean an sin, tha daoine air drochaidean nàdarra fhàs bho fhreumhaichean nan craobhan-rubair. Tha sin air sgàth 's gun grod drochaidean fiodha ann am beagan bhliadhnaichean le cho fliuch agus cho tais 's a tha an t-sìde.
Mura bheil uisge gu leòr ann, bidh tart ann. Mura biodh uisge ann airson ùine mhòr, dh'fhàsadh an talamh cruaidh agus tioram. Cha deidheadh againn air am biadh a dh'fheumas sinn fhàs do dhaoine no do bheathaichean.
Chan eil tart cumanta ann an Alba, ach tha ann an ceàrnaidhean eile dhen t-saoghal. Tha tart air droch bhuaidh a thoirt air sgìre Sahel ann an Afraga. Tha mòran dhùthchannan a' coimhead air dòighean air uisge a lorg 's a chruinneachadh, agus a chleachdadh gu h-èifeachdach. Mar eisimpleir, a' cruinneachadh uisge-adhair ann an tancaichean agus a' cladhach thobraichean airson faighinn gu uisge a tha fada shìos san talamh.
San Rìoghachd Aonaichte, cha bhi sinn a' faighinn ùineachan fada de dh'uisge no de thart. Tric cha bhi an t-sìde againn ro choltach bho latha gu latha agus feumaidh sinn a bhith deiseil airson atharrachaidhean.
Ciamar a bhios uisge a' toirt buaidh air ar beatha?
- Bidh uisge an adhair a' toirt an uisge a dh'fheumas iad do bheathaichean agus do lusan airson fàs agus a bhith beò.
- Tha an t-uisge anns na tapaichean againn a' tighinn às an adhar bho thùs. Bidh sinn ag òl an uisge seo agus ga chleachdadh ann am frasan agus amaran a h-uile latha. Tha e na phàirt de cuairt an uisgeAm pròiseas anns am bi uisge a' gluasad bho uachdar na Talmhainn, suas dhan adhar agus air ais a-rithist gu talamh. 'S e na trì ceumannan ann an cuairt an uisge deatachadh, co-dhlùthachadh agus sileadh..
- Feumaidh sinn smaoineachadh air dè tha sinn a' dol a chur oirnn nuair a tha an t-uisge ann. Bu chòir dhuinn smaoineachadh air aodach uisge-dhìonach.
- Feumaidh sinn smaoineachadh air ciamar a tha sinn a' dol a shiubhal nuair a tha an t-uisge ann. 'S dòcha gun gabh sinn bus, càr no trèana an àite coiseachd no saidhcleadh.
- Faodaidh cus uisge no ro bheag a dh'uisge sìde dhian adhbharachadh mar tuilNuair a bhios uisge a' cur thairis air talamh as àbhaist a bhith tioram. no tartNuair nach tig uisge airson ùine mhòr agus a bhios an talamh tioram agus cruaidh..
- Faodaidh sìde dhian buaidh a thoirt air siubhal no ar comas air biadh fhàs.
- San RA, 's ann ainneamh a bhios dian-uisge no dian-thart againn, ach bidh sin ann an iomadh àite.
Uisge agus beatha làitheil
Tha an taisbeanadh seo a' sealltainn eisimpleirean air mar a tha uisge a' toirt buaidh air ar beatha làitheil agus air an t-saoghal mun cuairt oirnn.
Image caption, Uisge do lusan agus do bheathaichean
Bidh uisge às an adhar a' toirt uisge do lusan agus do bheathaichean, mar an fheòrag ruadh seo. Coltach rinne, feumaidh lusan agus beathaichean uisge airson fàs agus airson a bhith beò. (Gary Cook / Alamy Stock Photo)
Image caption, Uisge do dhaoine airson nighe agus òl
Bidh an t-uisge anns na tapaichean againn a' tighinn às an adhar bho thùs. Bidh sinn a' cleachdadh an uisge seo a h-uile latha airson òl agus còcaireachd, frasan agus amaran, agus san toidhleat. (Michael Heim / Alamy Stock Photo)
Image caption, Aodach uisge-dhìonach
Nuair a tha an t-uisge ann, feumaidh sinn smaoineachadh air dè chuireas sinn oirnn airson a bhith blàth agus tioram. 'S dòcha gun cuir sinn oirnn seacaidean a bhios dìonach air an uisge, bòtannan no gun toir sinn leinn sgàileagan. (PAL Media / Alamy Stock Photo)
Image caption, Còmhdhail
Ma tha uisge mòr ann, 's dòcha gun gabh sinn bus, càr no trèana an àite coiseachd no saidhcleadh. Bu chòir dhuinn smaoineachadh romhainn ma tha tuiltean air a bhith ann air sgàth uisge mòr. (Robert Evans / Alamy Stock Photo)
1 of 4
Dian-shìde
Faigh a-mach dè bhios a' tachairt ma tha cus uisge ann no nach eil gu leòr ann.
Image caption, Tuiltean
Bidh tuiltean a' tachairt nuair a bhios tòrr uisge mòr ann nach faigh air drèanadh air falbh. Faodaidh siubhal a bhith doirbh air sgàth thuiltean. Mar eisimpleir, 's dòcha gum bi rathaidean agus drochaidean dùinte. (Paul Maguire / Alamy Stock Photo)
Image caption, Drochaidean fhreumhaichean beò sna h-Innseachan
'S e ceann an Ear-thuath nan Innseachan fear dhe na h-àitichean as fliche air an t-saoghal. Tha i cho fliuch agus cho tais 's gun lobhadh drochaidean fiodha ann am beagan bhliadhnaichean. Mar sin, tha daoine air drochaidean nàdarra fhàs bho fhreumhaichean nan craobhan rubair. Chaidh an drochaid seo a dhèanamh le buidhnean dùthchasach ann am Meghalaya, Na h-Innseachan. (ephotocorp / Alamy Stock Photo)
Image caption, Tart
Mura bi gu leòr uisge ann, 's dòcha gum bi tart ann. San Iuchar 2018, bha fear dhe na samhraidhean bu teotha riamh san RA ag adhbharachadh thartan. Thiormaich an t-achadh cruithneachd seo ann an Sasainn agus bha e doirbh bàrr fhàs. (Paul Weston / Alamy Stock Photo)
Image caption, A' cladhach thobair
Ann an iomadh àite anns am bi tart, bidh aig daoine ri dòighean èifeachdach a lorg air uisge a chruinneachadh agus a chleachdadh. Mar eisimpleir, tha tart air fìor dhroch bhuaidh a thoirt air sgìre Sahel ann an Afraga. Bidh daoine a' cleachdadh thobair airson faighinn gu uisge a tha shìos domhainn fon talamh. (Ariadne Van Zandbergen / Alamy Stock Photo)
1 of 4

- tuil - Nuair a tha cus uisge ann 's nach faigh e air drèanadh ceart.
- sùighte - Nuair a tha uiread de dh'uisge ann an rud 's nach sùigh e an còrr lionn. Nuair a bhios uisge mòr ann airson ùine mhòr, bidh an talamh a' fàs coltach ri spuing agus bidh uiread a dh'uisge ann 's nach gabh e an còrr.
- tart - Nuair nach bi uisge ann airson ùine mhòr agus a dh'fhàsas an talamh cruaidh agus tioram. Bidh seo ga dhèanamh doirbh biadh fhàs.
Ceistean

Sgrìobh eisimpleirean air mar a thug uisge buaidh air an latha agad an-diugh, no tarraing dealbh dheth.
Seo beagan bheachdan airson faighinn gu dol
- Bidh sinn a' cleachdadh uisge, a tha a' tighinn bho uisge an adhair bho thùs, airson ar fiaclan a ghlanadh, anns an amar agus a' gabhail fras agus a' nighe nan soithichean.
- Bidh uisge a' cuideachadh bàrr fhàs airson biadh.
- Ma tha an t-uisge ann a-muigh, feumaidh sinn smaoineachadh air rudeigin uisge-dhìonach a chur oirnn, agus 's dòcha gum feum sinn dòigh-siubhail atharrachadh.
More on Aimsir
Find out more by working through a topic