Sgilean ionmhasachd
A' buidseatadh
'S e buidseatadh liosta de theachd-a-steach is de chosgaisean thar ùine no tachartas sònraichte. Leis an liosta, thèid agad air co-dhùnadh a dhèanamh mu theachd-a-steach is mu chosgais rè ùine.
Teachd-a-steach
'S e teachd-a-steach an t-airgead a bhios a' tighinn gu duine no gu buidheann. Tha teachd-a-steach gu lèir a' tighinn fo riaghailtean chìsean.
Sàbhaladh agus iasadan
Tha iomadh dòigh ann air coimhead às dèidh sàbhaladh agus air iasad airgid fhaighinn. Mar as trice, bidh agad ri coimhead gu dlùth air ìrean rèidh.
Am bargan as fheàrr
Nuair a bhios tu a' smaoineachadh air rudeigin a cheannach, tha e glic am bargan as fheàrr a lorg le bhith a' coimeas fiosrachadh mun nì no mun t-seirbheis, cumhachan na tairgse agus prìs an nì.
Ag atharrachadh airgead
Ro thuras a-null thairis, feumar tric airgead atharrachadh gu airgead a' chinn-uidhe. Tha reatan-iomlaid gan cleachdadh gus suimeannan obrachadh a-mach agus uaireannan tha coimisean ri phàigheadh.
Riadh sìmplidh
A' rannsachadh dè a' bhuaidh a th' aig reatan rèidh air sàbhaladh agus air iasadan. Tha riadh sìmplidh air obrachadh a-mach gach bliadhna a' cleachdadh reat an rèidh.
Riadh fillte
Le riadh fillte tha sùim an rèidh ga chur-ris an t-sùim a bh' ann bho thùs aig deireadh na bliadhna. Mar sin, san ath bhliadhna, tha riadh air obrachadh a-mach air sùim airgid nas motha.