Riadh sìmplidhAg obrachadh a-mach riadh sìmplidh

A' rannsachadh dè a' bhuaidh a th' aig reatan rèidh air sàbhaladh agus air iasadan. Tha riadh sìmplidh air obrachadh a-mach gach bliadhna a' cleachdadh reat an rèidh.

Part of Gnìomhan MatamataigsSgilean ionmhasachd

Ag obrachadh a-mach riadh sìmplidh

Ma chuireas tu airgead ann am banca no ann an comann thogalach, bheir iad dhut riadh air an airgead sin.

Ma gheibh thu airgead air iasad, bho bhanca no bho chomann thogalach, feumaidh tu riadh a phàigheadh dhaibh.

Tha riadh sìmplidh air obrachadh a-mach gach bliadhna agus bidh e a rèir reat an rèidh. Tha an reat seo glè thric ga thoirt dhut per annum, a tha a' ciallachadh gach bliadhna.

Eisimpleir

Chuir Sally \(\pounds600\) ann an cunntas le ìre rèidh de \(5\%\) gach bliadhna.

Obraich a-mach an riadh a gheibh Sally ann an aon bhliadhna, agus obraich a-mach dè na tha de dh'airgead sa chunntas aice an dèidh aon bhliadhna.

Riadh \(= 5\%\,de\,\pounds600\)

\(= \frac{5}{100} \times 600\)

\(= \pounds30\)

Balans ùr

\(= 600 + 30 \)

\(= \pounds630\)

An dèidh bliadhna bidh balans ann de \(\pounds630\).

Feuch a-nis a' cheist seo:

Question

Tha cunntas-banca Jamie a' pàigheadh riadh aig reat de \(4.3\%\) sa bhliadhna. Ma chuireas e \(\pounds850\) dhan chunntas aige, dè na bhios aig Jamie an dèidh bliadhna?