Sàbhaladh agus iasadan
Tha iomadh dòigh sàbhalaidh ann, mar:
- cunntasan tasgaidh ('s àbhaist gum faod thu airgead a thoirt a-mach uair sam bith)
- bann-sàbhalaidh ùine-shuidhichte (faodaidh iad a bhith eadar 1 agus 5 bliadhna, ach caillidh tu airgead ma bheir thu airgead a-mach tràth)
- ISA - Individual Savings Account: (cunntas air nach pàigh thu cìs air an riadh)
Riadh
Nuair a bhios tu a' sàbhaladh airgead, bidh e a' cosnadh riadh. Bidh reat-rèidh aig a' chunntas no aig a' bhann, agus thèid sin a chur-ris an t-sùim airgid air a shàbhaladh. Mura bi an t-airgead ann an cunntas ach airson pàirt de bhliadhna, cha tèid riadh a phàigheadh ach airson na h-ùine a bha e sa chunntas.
Mar as trice, bidh riadh fillte air cunntas. Tha sin a' ciallachadh gum bi an riadh air a chur-ris an t-sùim a chaidh a shàbhaladh, agus bidh sin a' toirt sùim ùr air am bi riadh air obrachadh a-mach an-ath-turas.
Eisimpleir (Riadh fillte)
Chaidh \(\pounds400\) a chur ann an cunntas-banca airson 3 bliadhna le riadh fillte de \(5\%\).
Dè na tha de dh'airgead sa chunntas an dèidh 3 bliadhna?
Freagairt
Sùim aig an toiseach = \(\pounds 400\)
Riadh sa 1d bhliadhna = \(\frac{5}{100}\times400=\pounds 20\)
Sùim an dèidh 1 bhliadhna = \(\pounds400\,+\pounds20=\pounds420\)
Riadh san 2ra bliadhna = \(\frac{5}{100}\times 420=\pounds21\)
Sùim an dèidh 2 bhliadhna = \(\pounds420+\pounds21=\pounds441\)
Riadh san 3mh bliadhna = \(\frac{5}{100}\times441=\pounds22.05\)
Sùim an dèidh 3 bliadhna = \(\pounds441+\pounds22.05=\pounds463.05\)
Feuch a' cheist seo a-nis:
Question
Chaidh \(\pounds5000\) a chur ann an cunntas-banca airson 3 bliadhna aig riadh fillte de \(4\%\).
Dè bhios anns a' chunntas an dèidh 3 bliadhna?
Sùim aig an toiseach = \(\pounds5\,000\)
Riadh sa 1d bhliadhna = \(\frac{4}{100}\times5\,000=\pounds200\)
Sùim an dèidh 1 bhliadhna = \(\pounds5\,000+\pounds200=\pounds5200\)
Riadh san 2ra bliadhna = \(\frac{4}{100}\times5\,200=\pounds208\)
Sùim an dèidh 2 bhliadhna = \(\pounds5\,200\,+\pounds208=\pounds5\,408\)
Riadh san 3mh bliadhna = \(\frac{4}{100}\,\times5\,408=\pounds216.32\)
Sùim an dèidh 3 bliadhna = \(\pounds5\,408\,+\pounds216.32=\pounds5\,624.32\)