Rabhadh mu mhodh ro sheusan ball-coise Leòdhais agus na Hearadh
Tha sgiobaidhean ball-coise Leòdhais agus na Hearadh air rabhadh fhaighinn ro sheusan 2025.

Tha cathraiche ùr Chomann Ball-coise Leòdhais agus na Hearadh, Brian Mac a' Ghobhainn, air sgrìobhadh do na sgiobaidhean uile a' mìneachadh gum "feum" droch-ghiùlan an aghaidh rèitirean stad am-bliadhna.
Thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn gun robh an àireamh de thachartasan far an robh droch-dhìol an aghaidh rèitirean air fàs thar nam bliadhnaichean mu dheireadh, agus gun robh am fàs seo follaiseach don chomann.
Dh'innis e gun robh an LHAFA agus na rèitirean air a bhith ann an conaltradh bho dheireadh an t-seusain a chaidh agus gu bheil sreath cheumannan gu bhith aca air an seusan seo feuch cùisean a dhèanamh nas fheàrr.
Tha coinneamhan air a bhith aig na rèitirean agus na sgiobaidhean feuch beagan mìneachaidh a thoirt do chluicheadairean mu mar a tha na h-oifigich a' tighinn gu na co-dhùnaidhean aca.
San litir, thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn gun robh luchd-rèiteachaidh a' toirt seachad an cuid ùine gu saor-thoileach - mar a bha iomadach neach eile - gus ball-coise a chumail a' dol anns na h-eileanan, ach gun robh iad ag aideachadh gum biodh mearachdan ann aig diofar amannan tron t-seusan.
Chan eil dealbhan telebhisein, no VAR, aig rèitirean Leòdhais agus na Hearadh ri chleachdadh ach thuirt an cathraiche gum biodh e cho math do na cluicheadairean, luchd-coidsidh agus luchd-amhairc cuimhneachadh gur dòcha gum faca an rèitire rudeigin nach fhaca iad fhèin, no mar an ceudna, dh'fhaodadh nach do mhothaich an rèitire do rud nach robh iadsan air fhaicinn.
Tòisichidh seusan 2025 Dihaoine an 11mh den Ghiblean, le Athletic Steòrnabhaigh a' dìon an tiotail.
Cluichidh iadsan an aghaidh Nis aig Cnoc nan Gobhar.
Tha An Rubha a' cur fàilte air United Steòrnabhaigh ann an Garrabost le na Lochan air falbh aig Pàirce Ralaidh anns na Hearadh.
Anns a' gheàm eile oidhche Haoine, tha Am Bac a' cluich An Taobh Siar ann am Barabhas.
http://unitedkingdom.bahce.site/naidheachdan/sgeulachdan/cy0yykyle5wo