Main content

'Chan fhàs e nas miosa na seo' - Alba 0-3 A' Ghrèig

Às dèidh oidhche eachdraidheil sa Ghrèig is Alba a' tilleadh dhachaigh tadhal air thoiseach ann an Lìog nan Nàiseanan, bha faireachdain dòchasach ann aig Pàirce Hampden air thoiseach air an dàrna geama Didòmhnaich.

Chaidh Davie Cooper agus Denis Law nach maireann a chomharrachadh ro làimh agus dh'èirich an sluagh air fad le Sir Ailig Fearghasdan a' tighinn a-mach agus e a' togail lèine le 'Law' agus àireamh 10 sgrìobhte air.

'S dòcha gun tug sin barrachd cumhachd do Flower of Scotland nuair a bhathar ga sheinn.

Agus bha coltas ann gun robh spionnadh anns na cluicheadairean aig Steve Clarke - cha mhòr nach d'fhuair Scott McTominay dà thadhal sa chiad 20 mionaid.

Mar dhroch bhruadair ge-tà, dh'fhàs an oidhche don mhòr chuid ann am Pàirce Hampden nas miosa agus nas miosa buileach.

"Thòisich sinn an geama ceart gu leòr nam beachdsa, sa chiad deich mionaidean bha sinn anns a' gheama", thuirt cluicheadair Queen's Park Roddy MacGriogair, a bha ag aithris air cùisean air BBC Radio nan Gàidheal.

"Ach an uair sin fhuair a' Ghrèig dà thadhal agus dh'atharraich an geama" thuirt e, le Giannis Konstantelias agus an rionnag òg Konstantinos Karetsas gan cur 2-1 air thoiseach thairis air an dà gheama ro leth-ùine.

"An uair sin, fhuair iad tadhal sa bhad san dàrna leth agus 's e sin dìreach an rud as miosa a dh'fhaodadh tachairt do dh'Alba agus cha d' fhuair sinn smachd air a' gheama às dèidh sin", thuirt Roddy.

Cha robh Roddy leis fhèin. Dh'fhàs mì-thoilicheas an Airm Thartain nas làidire agus gu h-àraid às dèidh do Christos Tzolis an treas tadhal fhaighinn, 's e fearg an fhaireachdain a bh' aca.

Cha robh an dòigh-cluiche no fiù 's oidhirp chluicheadairean na h-Alba math gu leòr dhaibh.

"Cha robh iad a' coimhead mar a bha iad ag iarraidh faighinn na tadhail air ais sa gheama agus ag obair cruaidh airson sin fhaighinn", thuirt Eòghan MacAnndrais a bha ag aithris air a' gheama.

"Bha beagan de dh'fhaireachdain ann ron gheama cuideachd gun robh iad gu math flat ann am pàirce Hampden", thuirt Eòghan.

Tha an geama seachad agus tha Alba air tuiteam gu Lìog B de Lìog nan Nàiseanan.

Mar sin, dè dh'fheumas Steve Clarke dèanamh airson an luchd-taic agus na cluicheadairean aige a thogail?

"Tha e a' dol a bhith doirbh do Steve Clarke sin a dhèanamh", thuirt Roddy MacGriogair.

"Sin an rud le geamaichean eadar-nàiseanta, chan eil iad a' tighinn timcheall cho tric ach an ath-thuras a tha iad a' tighinn ri chèile anns na geamaichean càirdeil feumaidh iad a bhith tòrr nas fheàrr.

"'S dòcha atharrachadh no dhà anns an sgioba. Barrachd chothroman a thoirt do na cluicheadairean òga - 's dòcha gun dèan sin a' chùis.

"Ach chan fhàs e nas miosa na seo", thuirt e.

Cupa na Cruinne

Cluichidh Alba dà gheama càirdeil tron t-samhradh - an toiseach an aghaidh Innis Tìle aig Pàirce Hampden agus an uair sin an aghaidh Liechtenstein.

Thuirt Steve Clarke gun robh e toilichte ann an dòigh às dèidh a' gheama san Àithne gun robh an dà gheama farpaiseach seo aca sa Mhàrt.

Seo air sgàth gu bheil geamaichean cho cudromach 's a ghabhas air fàire - farpais dearbhaidh airson faighinn gu Cupa na Cruinne 2026.

Tha fios aca a-nis gur iad an Danmhairg an treas dùthaich a bhios sa bhuidhinn aca, còmhla ris a' Ghrèig agus Belarus.

Tòisichidh sin san t-Sultain leis an Danmhairg air falbh bhon taigh agus a' crìochnachadh nan aghaidh aig an taigh san t-Samhain.

"Tha mi den bheachd gur e manaidsear math a th' ann an Steve Clarke ach chan eil mi a' smaoineachadh gur e coidse math a th' ann" , thuirt Eòghan MacAnndrais às dèidh a' gheama.

"'S dòcha, mura fhaigh sinn cuideigin ùr aig ceann na sgioba againn, 's dòcha atharrachadh no dhà aig ìre coidsidh", thuirt e.

"Tha mi an dòchas co-dhiù gum faigh Alba gu Cupa na Cruinne ach bidh e duilich".

http://unitedkingdom.bahce.site/naidheachdan/sgeulachdan/c2047v96zq0o