Prìomh fhiosrachadh
'S ann as t-fhoghar agus sa gheamhradh as trice a chì sinn ceò. Tha i fuar agus tais agus tha e doirbh dhuinn faicinn innte.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mar a tha ceò air a cruthachadh
- Mu dhiofar sheòrsaichean de cheò agus mar a bhios sinn ga tomhas
- Mar a tha ceò air a cleachdadh ann an diofar àitichean air feadh an t-saoghail
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu cheò.
Tha fios gum faca tu d' anail air latha fuar, sgòth bheag crochte san èadhar nuair a leigeas tu d' anail a-mach. Bidh na sgòthan sin air an cruthachadh nuair a bhios deatach uisge a' dol na bhoinneagan beaga uisge.
Dìreach mar a bhios boinnean uisge a' cruthachadh sgòthan àrd san adhar.
Ach dè mura biodh na sgòthan àrd san adhar? Dè nam biodh iad faisg air an talamh? Saoil cò ris am biodh iad coltach? Uill, nuair a thachras sin, canaidh sinn gur e ceò a th' ann.
Canaidh sinn ceò ri sgòth a chaidh a chruthachadh faisg air an talamh. Tachraidh seo mar as trice an dèidh uisge a bhith ann agus ma tha tòrr deatach uisge san èadhar. Bidh an talamh a' fuarachadh na h-èadhair a tha faisg air gus am bi i cho fuar 's gun co-dhlùthaich an deatach uisge na bhoinneagan sgòtha, a chì sinn mar cheò.
Bidh eòlaichean-sìde a' bruidhinn air ceò ann an diofar dhòighean a rèir 's dè cho tiugh 's a tha i. Mura faic thu nas fhaide na 50m, canaidh sinn ceò dhùmhail ris. Canaidh sinn gu bheil ceò thiugh ann nuair nach fhaic sinn barrachd air 180m. Ma tha i cho tana 's gum faic sinn 1km bhuainn, canaidh sinn ceathach ris.
Air latha soilleir, chì thu gu math nas fhaide. Glè thric, falbhaidh ceò nuair a bhlàthaicheas an èadhar agus a dheataicheas na boinneagan uisge dhan èadhar.
Ma bhios tu a-muigh air latha ceòthach agus gun tig a' ghrian a-mach, 's dòcha gum faic thu bogha-ceothaidh. Chan eil iad cho soilleir no cho dathach ri bogha-frois oir tha na boinneagan uisge ann an ceò gu math nas lugha na ann am bogha-frois.
Ann an àitichean air feadh an t-saoghail a tha uabhasach tioram, tha ceò cudromach airson uisge. 'S e Fàsach Atacama ann an Chile an t-àite as tiorama air an t-saoghal. Chan eil sgath uisge ann airson a chruinneachadh. Bidh daoine a' crochadh lìn airson a' cheò a ghlacadh. Bidh iad mar sin a' faighinn boinneagan uisge bhon èadhar.
Ann an Calafòrnia, bidh craobhan le fiodh ruadh a' glacadh bhoinneagan uisge bhon mhuir. Nuair a ruigeas na boinneagan uisge na craobhan, cruinnichidh pàirt dheth air na duilleagan, sruthaidh e sìos agus fliuchidh e an talamh mun cuairt.
Mar sin, an-ath-turas a bhios tu a-muigh agus i ceòthach, cuimhnich gu bheil e coltach ri bhith a' coiseachd tro sgòth.
Ciamar a tha ceò air a cruthachadh?
Glè thric bidh ceò ann às dèidh uisge nuair a tha tòrr deatach uisgeUisge nuair a tha e na ghas neo-fhaicsinneach. anns an èadhar.
Nuair a dh'fhuaraicheas an talamh, fuaraichidh an èadhar a tha faisg air cuideachd.
Nuair a dh'fhuaraicheas an èadhar, cha chùm i uiread de dheatach uisge.
Mar sin bidh an deatach uisge a' co-dhlùthachadh na bhoinneagan sgòtha agus chì sinn sin mar cheò.
Làithean ceòthach agus boghachan-ceothaidh
Image caption, Anail cheòthach
Nuair a leigeas tu d' anail a-mach air latha fuar agus a chì thu i, tha thu fhèin a' dèanamh sgòth de cheò!
Image caption, A' coiseachd tro sgòth
'S e sgòth a th' ann an ceò. Bidh e air a chruthachadh faisg air an talamh. Mar sin nuair a choisicheas tu tro cheò, tha e coltach ri bhith a' coiseachd tro sgòth.
Image caption, Cunnart anns a' cheò
Faodaidh ceò a bhith cunnartach do bhàtaichean nuair nach eil e furasta dhaibh faicinn càit a bheil iad a' dol. Bidh conacag ceothaidh a' sèideadh fuaim domhainn, cunbhalach gu muir airson innse do bhàtaichean gu bheil an cladach faisg.
Image caption, Bogha-ceothaidh san Eilean Sgitheanach
Tha bogha-ceothaidh coltach ri bogha-frois ach nas bàine agus nas sgleòthaiche.
Image caption, A' glacadh ceò
Tha lìn ceothaidh mar seo air an cleachdadh airson na boinneagan beaga, bìodach uisge ann an ceò a ghlacadh. Tha seo uabhasach feumail ann an àitichean anns nach eil mòran uisge.
Image caption, Craobhan le fiodh ruadh ann an Calafòrnia
Bidh craobhan mòra le fiodh ruadh ann an Calafòrnia a' glacadh taiseachd sa cheò leis na duilleagan aca.
1 of 6

ceò – Sgòth a chaidh a chruthachadh faisg air an talamh.
ceò dhùmhail – Nuair nach faic thu nas fhaide na 50 meatair.
ceò thiugh – Nuair nach faic thu nas fhaide na 180 meatair.
ceathach – Nuair a tha ceò tana gu leòr airson gum faic thu cileameatair air falbh.
bogha-ceothaidh – Tha bogha-ceothaidh coltach ri bogha-frois ach tha e bàn agus sgleòthach.
Ceistean

Cruthaich agus dèan taisbeanadh mu cheò.
An tèid agad air na dh'ionnsaich thu mu cheò a mhìneachadh ann an taisbeanadh?
Mus dèan thu an taisbeanadh agad, smaoinich 's dòcha air pàirt dhen taic seo:
- Cuimhnich gun ullaich thu puingean, slaighdean no props sam bith a bhios agad.
- Smaoinich cò an luchd-amais a th' agad.
- Faodaidh tu grafaichean, clàran no às-aithris a chleachdadh mar thaic dha do bheachdan.
- Dèan glacadh-sùla ris an luchd-amais agus bruidhinn gu soilleir.
Ma dh'fheumas tu barrachd cuideachaidh airson taisbeanadh a dhèanamh, seo bhidio a chuidicheas: Mar a nì thu taisbeanadh.
More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count8 of 21
- count9 of 21
- count10 of 21
- count11 of 21