Tùsairean meadaigeach san 18mh agus san 19mh linn

Part of EachdraidhEòlas-leighis tro na linntean

Ro-ràdh - an Soillseachadh

Bha an Soillseachadh na linn de nuadh-lorgan agus ionnsachadh ann am feallsanachd, saidheans agus cultar anns an Roinn Eòrpa agus ann an Ameireaga a Tuath. Mhair e bho mu 1680 gu 1815.

Thug an Soillseachadh, agus na bliadhnaichean às a dhèidh, barrachd tuigse air bodhaig an duine agus mar a tha i ag obrachadh. Thàinig leasachaidhean mòra ann an eòlas-leighis agus ann an slàinte a' phobaill air sgàth modhan-obrach saidheansail agus beachdachadh, deuchainnean agus fianais.

Bha iomadh neach ann a bha cudromach anns an linn seo de dh'adhartas agus de dh'atharrachadh.

Fuil ga toirt bho aon neach gu neach eile anns na 1860anImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh a' sealltainn fuil ga toirt bho aon neach gu neach eile anns na 1860an.
Back to top

Tùsairean eòlas-bodhaig agus lannsaireachd

Suas chun an 18mh agus an 19mh linn, bha ar tuigse air eòlas-bodhaig gu math eadar-dhealaichte.

Dh'atharraich tùsairean mar Uilleam agus Iain Mac an t-Sealgair mar a bhios sinn a' tuigsinn bodhaigean dhaoine agus thug iad piseach air builean lannsaireachd.

Uilleam Mac an t-Sealgair, 1718 gu 1783

Uilleam Mac an t-Sealgair, eòlaiche-bodhaig agus lighiche AlbannachImage source, ALAMY
Image caption,
Bha Uilleam Mac an t-Sealgair na eòlaiche-bodhaig agus na lighiche Albannach.

Thug obair nam bràithrean Uilleam agus Iain Mac an t-Sealgair tuigse nas fheàrr dhuinn air bodhaig an duine.

Rugadh Uilleam Mac an t-Sealgair ann an àite ris an canar Cille Bhrìde an Ear an-diugh, agus thug e a-mach dotaireachd ann an Oilthigh Ghlaschu mus do ghluais e a Lunnainn.

Ann an Lunnainn, sgrùd e agus b' e an obair speisealta aige.

Thòisich e a' teagasg eòlas-bodhaig tro bhith a' gearradh cuirp dhaoine. Mu dheireadh stèidhich e tèatar eòlas-bodhaig agus taigh-tasgaidh far am biodh lannsairean a' sgrùdadh agus ag ionnsachadh.

Uilleam Mac an t-Sealgair, eòlaiche-bodhaig agus lighiche AlbannachImage source, ALAMY
Image caption,
Bha Uilleam Mac an t-Sealgair na eòlaiche-bodhaig agus na lighiche Albannach.

Iain Mac an t-Sealgair, 1728 gu 1793

Iain Mac an t-Sealgair, lighiche AlbannachImage source, ALAMY
Image caption,
Iain Mac an t-Sealgair, lighiche Albannach.

Cha d' fhuair Iain Mac an t-Sealgair trèanadh meadaigeach, ach chaidh e a Lunnainn còmhla ri bhràthair agus chuidich e e na obair. Thug e a-mach a bhith na lannsair anns an arm mus do thill e gu obair mheadaigeach ann an Lunnainn.

Stèidhich Iain Mac an t-Sealgair an obair aige air beachdachadh agus fianais, agus leasaich e teòiridhean ùra air fiaclan agus cnàimhean, cnàmh bìdh agus mu obrachadh an t-siostam liomfataig.

Tron obair aige mar lannsair agus tro dheuchainnean, chuir Mac an t-Sealgair teòiridh air adhart gun robh ainteas na phàirt de fhreagairt na bodhaig do ghalar seach a bhith na phàirt dhen ghalar fhèin.

Chunnaic Iain Mac an t-Sealgair nach robh leòintean air an taobh a-staigh mar as trice ag adhbharachadh ainteas, ach gun robh lotan no leòintean air an taobh a-muigh.

Bha e dhen bheachd gum bu chòir tuigse a bhith aig lannsairean air mar a bha bodhaig an duine ag obrachadh agus dè bhiodh a' tachairt ri linn leòn no tinneas.

Dh'ionnsaich e oileanaich mar Edward Jenner gu bhith a' dèanamh dheuchainnean agus rannsachadh agus a bhith a' cur na gheibheadh iad a-mach gu feum gus leigheas nas fheàrr a thoirt dha na h-euslaintich.

Iain Mac an t-Sealgair, lighiche AlbannachImage source, ALAMY
Image caption,
Iain Mac an t-Sealgair, lighiche Albannach.
Back to top

Tùsairean micro-bhith-eòlas is galar

Tron 18mh agus an 19mh linn, dh'atharraich tùsairean mar Edward Jenner, Louis Pasteur, Ìoseph Lister agus Raibeart Koch ar càirdeas ri micro-fhàs-bheartan agus galar tro bhanachdach agus leasachadh air slàintealachd.

Bhidio - Micro-fhàs-bheartan agus galar

Faigh a-mach mar a lean rannsachadh bhacteria is bhitheagan neo-fhaicsinneach gu bhith a' cur às do dh'fhear dhe na galaran a bu mharbhtaichte air an t-saoghal. Sa bhidio seo, faigh a-mach mu Edward Jenner agus rannsaich nuadhasan ann an dotaireachd san 18mh agus san 19mh linn.

Edward Jenner, 1749 gu 1823

Vaccination: Dr Jenner Performing His First Vaccination, 1796, le Ernest BoardImage source, ALAMY
Image caption,
An dealbh-peantaidh 'Vaccination: Dr Jenner Performing His First Vaccination, 1796', le Ernest Board.

B' e an t-adhartas a bu mhotha ann an leigheas ghalaran aig an àm seo nuair a lorg Edward Jenner dhan bhric ann an 1796.

B' e galar marbhtach a bh' anns . Thug e am bàs dha na mìltean de chlann agus de dh'inbhich.

Mus do rinn Jenner seo a-mach, bhiodh dotairean a' feuchainn ris a' bhreac a leigheas le bhith a' cur na brice – bhiodh iad a' cur iongar bho bhòc brice ann an gearradh air craiceann cuideigin a bha fallain.

B' e an t-amas gun gabhadh an neach a bha fallain an galar ach nach biodh e dona, agus an uair sin nach gabhadh iad e gu bràth tuilleadh. Nan obraicheadh an leigheas, bhiodh ion-dhìonachd aig an neach sin. Ach bha cunnart ann gum faigheadh daoine an galar fhèin nuair a gheibheadh iad a' bhanachdach, no 's dòcha nach faigheadh iad gu leòr airson ion-dhìonachd a bhith aca.

Ged a dh'obraich seo, cha robh mòran fiosrachaidh aig daoine mu antibodies agus bha cunnartan mòr an cois na banachdaich – ma bha an cineal a bh' ann dhen bhric na bu làidire, dh'fhaodadh an neach a fhuair a' bhanachdach bàsachadh mar thoradh oirre.

Chuala Jenner nach biodh banaraich a ghabhadh breac a' chruidh idir a' gabhail na bric. Shaoil Jenner gun robh an dà ghalar uabhasach coltach ri chèile. Mar sin rinn e grunn dheuchainnean airson an ceangal eatarra a dhearbhadh.

Ann an 1796, thug Jenner iongar breac a' chruidh bho bhanarach, Sarah Nelmes, agus smeur e e air gearradh beag ann an gàirdean balach ochd bliadhna, James Phipps. Dh'fhàs Phipps beagan tinn le breac a' chruidh. An uair sin thug Jenner beagan iongair do Phipps bho chuideigin air an robh a' bhreac agus cha do dh'fhàs James tinn idir.

Bha Jenner air sealltainn gum faodadh galarachadh le breac a' chruidh cuideigin a dhìon bhon bhric. Thug e vaccination, no banachdach, mar ainm air a' phròiseas. 'S e vacca an Laideann airson bò – agus dh'fhoillsich e leabhar ann an 1798 leis na fhuair e a-mach.

A dh'aindeoin 's cho mìorbhaileach 's a bha am fiosrachadh ùr seo, cha do ghabh a h-uile duine idir ris a' bhanachdaich anns a' bhad. Bha iomadh adhbhar airson seo.

Vaccination: Dr Jenner Performing His First Vaccination, 1796, le Ernest BoardImage source, ALAMY
Image caption,
An dealbh-peantaidh 'Vaccination: Dr Jenner Performing His First Vaccination, 1796', le Ernest Board.

Carson nach robh earbsa aig daoine ann am banachdaich?

Louis Pasteur, 1822 gu 1895

Sgead-dhealbh a' sealltainn Louis Pasteur a' dèanamh dheuchainnean anns an laboratoraidh aigeImage source, ALAMY
Image caption,
Sgead-dhealbh a' sealltainn Louis Pasteur a' dèanamh dheuchainnean anns an laboratoraidh aige.

Thòisich teòiridhean mu mhicroban agus mu bhitheagan a' fàs air sgàth obair Louis Pasteur. B' e neach-saidheans Frangach a bh' ann am Pasteur agus b' esan a rinn a-mach gum biodh bacteria ag adhbharachadh ghalaran – chante Teòiridh nam Bitheagan ris a seo.

Thàinig Teòiridh nam Bitheagan air adhart, agus chaidh a leasachadh, thar iomadh ìre. An toiseach, cha robh dearbhadh aig Pasteur air luach na teòiridh aige chionn nach b' urrainn dha na dearbh bhacteria a bha ag adhbharachadh nan diofar ghalaran aithneachadh.

Seach nach faiceadh daoine bacteria leis an t-sùil, bha mòran fhathast dhen bheachd gur e droch èadhar a bha ag adhbharachadh ghalaran. Bha seo air sgàth 's gun robh iad a' faicinn salachar, biadh agus closaichean a' lobhadh air na sràidean (air adhbharachadh le bacteria) agus shaoil iad gun robh an samh bhuapa sin ag adhbharachadh sgaoileadh galair.

Sgead-dhealbh a' sealltainn Louis Pasteur a' dèanamh dheuchainnean anns an laboratoraidh aigeImage source, ALAMY
Image caption,
Sgead-dhealbh a' sealltainn Louis Pasteur a' dèanamh dheuchainnean anns an laboratoraidh aige.

Iòseph Lister, 1827 gu 1912

Gràbhaladh a' riochdachadh Iòseph Lister a' stealladh anti-seaptaig air lot fhad 's a bha dotairean a' dèanamh opairèiseanImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' riochdachadh Iòseph Lister a' stealladh anti-seaptaig air lot fhad 's a bha dotairean a' dèanamh opairèisean.
An sprèadh le searbhag carbolaig aig Iòseph Lister a bha ga chleachdadh airson bitheagan a mharbhadh
Image caption,
Bha an sprèadh le searbhag carbolaig aig Lister ga chleachdadh airson bitheagan a mharbhadh ©The Hunterian, University of Glasgow.

Bha fios aig an lannsair, Iòseph Lister, mu rannsachadh Pasteur air Teòiridh nam Bitheagan agus rinn e an ceangal eadar bacteria a' dol a-steach a lotan fosgailte agus galarachadh a' tòiseachadh.

Dh'fheuch e ri dòigh a lorg airson stad a chur air a seo tachairt, agus fhuair e beachdan bhon dòigh a bha Carlisle a' dèiligeadh ri òtrachas. Bhiodh daoine a' dòrtadh searbhag charbolaig air an òtrachas agus a' neodrachadh nam bacteria gus nach biodh fàileadh òtrachais a' sgaoileadh air feadh a' bhaile.

Nuair a bha e na lannsair ann an Ospadal Rìoghail Ghlaschu, thòisich Lister a' dèanamh dheuchainnean le searbhag charbolaig. Bha e ga cur air lot an euslaintich agus air a' bhrèid a bha ga chòmhdach. Fhuair e a-mach gun do shlànaich na lotan agus nach tàinig a' chnàmhainn annta. Mar sin, cha do bhàsaich uiread.

Dh'adhbharaich na fhuair Lister a-mach gun tàinig iomadh ath-leasachadh eile ann an eòlas-leighis. Bhathar a-nis a' sùileachadh gum biodh dotairean agus nursaichean a' nighe an làmhan ann an searbhag charbolaig ro oparèisean airson stad a chur air galaran tòiseachadh, agus bhathar a' sùileachadh gun cleachdadh iad sprèidh carbolaig airson bitheagan a mharbhadh anns an èadhar mun cuairt air bòrd an oparèisean.

Thog Lister cuideachd air na fhuair lannsair cliùiteach Frangach Ambroise Par a-mach san 16mh linn, le bhith a' dèanamh cheangalan anti-seaptaig airson cuislean fala a dhùnadh gus stad a chur air call fala an dèidh ball-bodhaig a thoirt air falbh. Bha Paré air feuchainn ri a chleachdadh ach bhàsaich mòran mar thoradh air galaran.

Ged a thug sgrùdadh air eòlas-bodhaig leasachadh air obair-lannsa, bha mòran fhathast a' bàsachadh an dèidh oparèisean airson ball-bodhaig a thoirt air falbh air sgàth ghalaran. Eadar 1864 agus 1867, bha an reat-bàis bho thoirt air falbh bhuill-bodhaig aig 46%!

Cha robh innealan lannsaireachd air an glanadh ro opairèisean, bhiodh aodach salach air dotairean agus cha bhiodh iad fiù 's a' nighe an làmhan mus dèanadh iad an obair aca.

Aig deireadh nan 1890an, bha seòmraichean lannsaireachd air an glanadh agus air an dì-ghalarachadh gu math, bha a h-uile ionnsramaid mheadaigeach air a dì-ghalarachadh ann an stìom, agus thòisich lannsairean a' cur orra gùintean lannsaireachd, le masgaichean air an aodann agus miotagan rubair.

An sprèadh le searbhag carbolaig aig Iòseph Lister a bha ga chleachdadh airson bitheagan a mharbhadh
Image caption,
Bha an sprèadh le searbhag carbolaig aig Lister ga chleachdadh airson bitheagan a mharbhadh ©The Hunterian, University of Glasgow.

Raibeart Koch, 1843 gu 1910

Raibeart Koch, lighiche agus micro-bhith-eòlaiche às a' GhearmailtImage source, ALAMY
Image caption,
Raibeart Koch, lighiche agus micro-bhith-eòlaiche às a' Ghearmailt.

Bha Teòiridh nam Bitheagan air barrachd tuigse a thoirt air mar a bha micro-fhàs-bheartan ag adhbharachadh galarachadh agus galaran. Ach cha robh fhathast ceangal ann eadar bacteria sònraichte agus galaran sònraichte.

Dh'atharraich seo ann an 1876 nuair a lorg dotair Gearmailteach air an robh Raibeart Koch bacteria a bha ag adhbharachadh , le bhith a' togail air teòiridhean Phasteur.

Thar nam 20 bliadhna às dèidh sin, chaidh aig Koch 's aig an sgioba aige air barrachd bhacteria air leth aithneachadh a dh'fhaodadh galar adhbharachadh, agus nam measg sin bha an fheadhainn a bha ag adhbharachadh septicaemia, a' chaitheamh agus cholera.

Leis an rannsachadh agus leis an eòlas ùr seo, chaidh Pasteur air adhart gu bhith a' leasachadh banachdaich airson antrags agus airson bhìoras na .

Ach rud a bha cudromach, 's e gun do thuig daoine, air sgàth 's na fhuair e a-mach, nach robh droch èadhar ag adhbharachadh ghalaran.

Raibeart Koch, lighiche agus micro-bhith-eòlaiche às a' GhearmailtImage source, ALAMY
Image caption,
Raibeart Koch, lighiche agus micro-bhith-eòlaiche às a' Ghearmailt.
Back to top

Tùsairean an-fhaireachairean

Sgead-dhealbh a' sealltainn chloroform ga chleachdadh mar an-fhaireachair le lannsairean san 19mh linnImage source, ALAMY
Image caption,
Sgead-dhealbh a' sealltainn chloroform ga chleachdadh mar an-fhaireachair le lannsairean san 19mh linn.

B' e cùis-uabhais a bh' ann an opairèisean toiseach na 19mh linn – bha lannsairean dhen bheachd nach fairicheadh na h-euslaintich uiread de phian nan dèanadh iad an t-opairèisean cho luath 's a ghabhabh!

Bha aon lannsair Albannach, Raibeart Liston, moiteil gun deach aige air cas a thoirt far cuideigin ann an dà mhionaid gu leth!

Fhuair an neach-saidheans, Humphrey Davy, a-mach ann an 1800, gun gabhadh gas nan gàire (naitreas ogsaid) a chleachdadh mar an-fhaireachair. Ach ged nach robh an t-euslainteach a' faireachdainn uiread de phian leis a seo, cha robh e a' toirt a' phian gu lèir air falbh.

Bha Davy a' sealltainn na fhuair e a-mach le taisbeanaidhean poblach, ach cha robh an-còmhnaidh a' bhuaidh a bha dùil aige aig na taisbeanaidhean sin. A dh'aindeoin 's ged a dh'fhaodadh tu do mhothachadh a chall, no fiù 's bàsachadh, nan gabhadh tu cus naitreas ogsaid, thòisich daoine air fàs measail air partaidhean le gas nan gàire mar thoradh air buaidh a' ghas air daoine.

Sgead-dhealbh a' sealltainn chloroform ga chleachdadh mar an-fhaireachair le lannsairean san 19mh linnImage source, ALAMY
Image caption,
Sgead-dhealbh a' sealltainn chloroform ga chleachdadh mar an-fhaireachair le lannsairean san 19mh linn.

Seumas Simpson, 1811 gu 1870

Seumas Simpson a bha na thùsaire ann an leasachadh agus ann an cleachdadh an-fhaireachaireanImage source, ALAMY
Image caption,
Bha Seumas Simpson na thùsaire ann an leasachadh agus ann an cleachdadh an-fhaireachairean.

Lean daoine orra a' lorg an-fhaireachair nas èifeachdaiche gu 1847 nuair rinn Seumas Simpson, Àrd-ollamh ann am Banas-glùine aig Oilthigh Dhùn Èideann, a-mach gun robh feartan an-fhaireachair aig cloroform. Bha e a' dèanamh deuchainn air aoighean a bha aig an dìnnear aig an àm.

Ron dìnnear, thug Simpson glainne anns an robh cloroform dha gach aoigh. Cho luath 's a thug na h-aoighean seo a-steach air an anail, chaill iad am mothachadh sa bhad aig a' bhòrd. Ghabh a bhean uabhas!

Ann an latha no dhà, bha Simpson a' cleachdadh cloroform airson boireannaich a chuideachadh nuair a bha leanabh aca agus airson oparèisein eile cuideachd. Nuair a chaidh am fiosrachadh mu na fhuair e a-mach fhoillseachadh, thòisich lannsairean eile ga chleachdadh anns na h-oparèisein aca.

Bha cloroform a' fàgail dhaoine gun mhothachadh airson oparèisein na b' fhaide. Thug seo barrachd ùine do lannsairean nuair a bha iad a' dèanamh oparèisean. Ach gu h-annasach, bha gearanan ann mu chleachdadh cloroform:

  • B' fheàrr le cuid de lannsairean na h-euslaintich a bhith nan dùisg airson gum b' urrainn dhaibh strì airson am beatha.
  • Bha cuid de dhaoine cràbhach dhen bheachd gur e Dia a thug dhuinn pian (gu h-àraidh aig àm breith chloinne) agus gum bu chòir dhuinn fhàgail mar sin.
  • Bha e doirbh an dòs fhaighinn ceart. Bhàsaich Hannah Greener a bha 15 bliadhna nuair a bha ìne ga toirt far a h-òrdaig.
Seumas Simpson a bha na thùsaire ann an leasachadh agus ann an cleachdadh an-fhaireachaireanImage source, ALAMY
Image caption,
Bha Seumas Simpson na thùsaire ann an leasachadh agus ann an cleachdadh an-fhaireachairean.

Iain Snow 1813 gu 1858

Sgead-dhealbh a' sealltainn analair cloroform Iain SnowImage source, ALAMY
Image caption,
Sgead-dhealbh a' sealltainn analair cloroform Iain Snow. Thug an t-analair comas do lannsairean dòs shàbhailte de dh'an-fhaireachair a thoirt dha na h-euslaintich aca.

Ann an 1848, thug an Dr Iain Snow leasachadh air an dòigh a bha euslainteach a' faighinn cloroform ro oparèisean. Chruthaich Snow analair airson smachd a chumail air an dòs a dheigheadh a thoirt seachad. Cha robh mar sin uiread de chunnart ann gun deigheadh an t-euslainteach a mharbhadh air sgàth cus a chleachdadh.

Ged nach robh an t-euslainteach a' faireachdainn uiread de phian air sgàth cloroform, agus ged a bha e a' leigeil leis an lannsair a thìde a ghabhail, cha robh obair-lannsa dad na bu shàbhailte oir bha fhathast galarachadh ann air sgàth uidheamachd shalach.

Thòisich barrachd a' gabhail ri cloroform am measg dhotairean nuair a chleachd a' Bhanrigh Bhictòria e nuair a rugadh a mac, am Prionnsa Leopold, ann an 1853.

Sgead-dhealbh a' sealltainn analair cloroform Iain SnowImage source, ALAMY
Image caption,
Sgead-dhealbh a' sealltainn analair cloroform Iain Snow. Thug an t-analair comas do lannsairean dòs shàbhailte de dh'an-fhaireachair a thoirt dha na h-euslaintich aca.
Back to top

Tùsairean iomlaid-fala

Bhathar a' toirt fuil do dhaoine bho 1628 nuair a fhuair Uilleam Harvey a-mach mar a bha fuil a' cuairteachadh anns a' bhodhaig:

  • 1665 – chaidh aig Richard Lower air cù a chumail beò le bhith a' toirt dha fuil bho choin eile
  • 1667 – chaidh aig Lower agus aig Jean-Baptiste Denis air fuil chaorach a thoirt do dhaoine.
  • 1668 – bha casg air fuil bho bheathaichean a thoirt do dhaoine ann am Breatainn agus anns an Fhraing. B' e an àireamh mhòr a bha a' bàsachadh aon adhbhar airson seo.

Mus do leig e seachad an rannsachadh aige, dhealbh Lower uidheamachd a chumadh smachd air sruthadh fala. Bha sin caran coltach ri steallairean agus pìoban-fuail an latha an-diugh.

Seumas Blundell, 1790 gu 1878

Seumas Blundell, a' chiad duine a bha soirbheachail a' cur fuil dhaoine ann an euslainteachImage source, ALAMY
Image caption,
B' e Seumas Blundell a' chiad duine a bha soirbheachail a' cur fuil dhaoine ann an euslainteach.

Ann an 1818, b' e Seumas Blundell a' chiad lannsair breith-chloinne a thug fuil bho aon neach gu neach eile gu soirbheachail.

B' e boireannach a bha air tòrr fala a chall an dèidh leanabh a bhith aice a fhuair an fhuil. Thug Blundell fuil bhon duine aig an euslainteach agus chleachd e steallair airson a cur a ghàirdean an euslaintich.

Tro na 1820an, thug Blundell fuil do dheichnear agus rinn e feum do chòignear.

Ann am meadhan nan 1800an, bha Dùn Èideann na ionad airson fuil a thoirt do dhaoine. Bha Seumas Simpson soirbheachail ann a bhith a' leigheas nan euslainteach aige le fuil a thoirt dhaibh.

Ach b' e fhathast obair chunnartach a bh' ann an iomlaid fala agus bha iomadh euslainteach a' bàsachadh. Cha robh tuigse ann aig an àm mu na buidhnean fala. Cha robh fios aig daoine ma bha an tabhartaiche agus an t-euslainteach de dhiofar bhuidhnean gun toireadh siostam ion-dhìon an euslaintich air an fhuil a dhol na meallagan (cnapan beaga), rud a dh'fhaodadh am bàs a thoirt dhaibh.

B' ann ann an 1901 a lorg lighiche Ostrianach, Karl Landsteiner, a' chiad trì bhuidhnean fala. Dh'adhbharaich seo gun deach na seòrsachan fala a mhaidseadh a' ciallachadh iomlaid fala sàbhailte an-diugh.

Seumas Blundell, a' chiad duine a bha soirbheachail a' cur fuil dhaoine ann an euslainteachImage source, ALAMY
Image caption,
B' e Seumas Blundell a' chiad duine a bha soirbheachail a' cur fuil dhaoine ann an euslainteach.
Back to top

Adhartas ann an cùram euslaintich

Còmhla ri leasachadh ann an leigheasan meadaigeach agus leudachadh ann an eòlas mheadaigeach, thàinig leasachadh cuideachd air cùram euslaintich anns an 18mh linn agus anns an 19mh linn.

B' e Florence Nightingale agus Mary Seacole dithis dhe na boireannaich a bha cudromach a thaobh seo. Bha iad le chèile a' coimhead às dèidh fhireannaich leònte ann an Cogadh a' Chrimea, 1853 - 1856.

Bha Nightingale agus Seacole le chèile mothachail air cho cudromach 's a bha e fireannaich thinn a chumail ann an àrainn ghlan fhad 's a bha iad a' faighinn thairis air na leòintean aca.

Florence Nightingale, 1820 gu 1910

Florence NightingaleImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de Florence Nightingale c1860-1870.

Thòisich Florence Nightingale a' cleachdadh staitistigs ann an eòlas-leighis.

Chruinnich i dàta air tinneas agus air bàs. Fhuair i a-mach gun robh barrachd shaighdearan a' bàsachadh mar thoradh air ospadail a bhith salach seach mar thoradh dìreach air leòntan bhon bhlàr-catha.

Dh'fhoillsich i na toraidhean aice ann an diagram a nochd adhbharan nam bàsan gu soilleir. Mhol Nightingale dòighean sìmplidh air staid nan ospadail a dhèanamh na b' fheàrr:

  • Bha euslaintich air an sgaradh bho chèile a rèir an tinneis a bha orra.
  • Bha rùm eadar na leapannan agus bha èadhar ghlan a' cuairteachadh.
  • Bha riaghailtean teann ann a thaobh slàintealachd, me bha euslaintich air an glanadh agus bha an t-aodach-leapa air atharrachadh tric.
Florence NightingaleImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de Florence Nightingale c1860-1870.
Graf a rinn Florence Nightingale a tha a' sealltainn nan adhbharan bàis am measg shaighdearan ann an Cogadh a' ChrimeaImage source, ALAMY
Image caption,
Graf a rinn Florence Nightingale a tha a' sealltainn nan adhbharan bàis am measg shaighdearan ann an Cogadh a' Chrimea. Chaidh a chur chun an riaghaltais airson cuideam a chur air an àireamh àrd a bhàsaich air sgàth galar.

Nuair a thill i a Bhreatainn an dèidh a' chogaidh, stèidhich Nightingale Sgoil Thrèanaidh Nightingale ann an Ospadal Naoimh Thòmais. Chuidich i le bhith a' toirt atharrachadh mòr air glainnead ann an ospadail a' cleachdadh an eòlais a bha i air fhaighinn nuair a bha i thall thairis.

Mary Seacole, 1805 gu 1881

Mary Seacole, nurs Bhreatannach-Iameuganach, a' toirt na h-iris Punch gu saighdear san ospadal aig àm Cogadh a' ChrimeaImage source, ALAMY
Image caption,
Mary Seacole, nurs Bhreatannach-Iameuganach, a' toirt na h-iris Punch gu saighdear san ospadal aig àm Cogadh a' Chrimea.

B' e nighean le saighdear Albannach agus Iameugach saor, dubh a bh' ann am Mary Seacole. Rugadh agus thogadh i ann an Iameuga.

B' e 'tè-leigheis' a bha na màthair agus bhiodh i a' coimhead às dèidh dhaoine tinn a' cleachdadh ìocshlaintean lusan Afraganach agus Caribbeanach.

Dh'ionnsaich Mary bho a màthair mar a dhiagnòsadh i tinneas agus mar a bheireadh i an aire air daoine a bha tinn. Chuir i seo an sàs na h-obair aig àm mòr-ghalar cholera ann am Panama agus nuair a bha am fiabhras-buidhe ann an Iameuga.

Nuair a thòisich Cogadh a' Chrimea ann an 1853, thabhainn Seacole obrachadh gu saor-thoileach na nurs ach chaidh a diùltadh. Thog i a' cheist anns an eachdraidh-beatha aice saoil am b' e gràin-cinnidh a b' adhbhar dhan sin. An àite obrachadh mar sin, thog i airgead dhi fhèin agus shiubhail i dhan Chrimea agus stèidhich i 'Taigh-òsta Breatannach' far an robh i a' toirt an aire air saighdearan a bha tinn agus air an leòn.

Cleas Nightingale, thuig Seacole gun robh an suidheachadh anns an robh euslaintich air an cumail cudromach. Bha i a' cumail ri slàintealachd mhath, bha na rumannan aice blàth agus air an èadhraigeadh gu math, agus bha i a' dèanamh cinnteach gun robh biadh agus uisge gu leòr aig na h-euslaintich.

Tha cuimhne air Seacole airson mar a bha i a' dèiligeadh ris na h-euslaintich aice mar dhaoine seach dìreach bodhaigean a bha rin leigheas. Thuirt Uilleam Russell, Neach-naidheachd Cogaidh an Times mu deidhinn:

A more tender or skilful hand about a wound or a broken limb could not be found among our best surgeons.

Nuair a sguir an cogadh, chuir i seachad a h-ùine eadar Breatainn agus tìr a h-àrach, Iameuga, gus an do chaochail i ann an 1881.

Mary Seacole, nurs Bhreatannach-Iameuganach, a' toirt na h-iris Punch gu saighdear san ospadal aig àm Cogadh a' ChrimeaImage source, ALAMY
Image caption,
Mary Seacole, nurs Bhreatannach-Iameuganach, a' toirt na h-iris Punch gu saighdear san ospadal aig àm Cogadh a' Chrimea.
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Back to top