Prìomh fhiosrachadh
Faodaidh sìde theth buaidh a thoirt air ar beatha ann an iomadh dòigh.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig sìde theth
- Nas urrainn dhuinn a dhèanamh airson a bhith fionnar agus sàbhailte ann an sìde bhlàth
- Mar a bhios sìde theth a' toirt buaidh air lusan agus beathaichean
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mar a bhios sìde theth a' toirt buaidh air ar beatha agus air an t-saoghal mun cuairt oirnn.
Tha a' ghrian ann! Tha sìde bhlàth a' ciallachadh gum faod sinn a bhith a-muigh barrachd: a' cluich, air a' bhaidhsagal, a' gabhail picnic no a' dèanamh barbecue.
Nuair a bhios i blàth, bidh sinn ag iarraidh deoch fhuar agus biadh fuar - mar saileadan agus reòiteag. Bidh iad a' cuideachadh gu bhith a' leagail teòthachd ar bodhaig agus a' cur uisge air ais ann leis gu bheil e buailteach gum bi barrachd fallais oirnn nuair a tha sìde theth ann.
Ma bhios i ro theth, 's dòcha gum bi e doirbh d' aire a chumail air na tha an tidsear ag ràdh, agus bidh thu nas teotha buileach ma bhios tu a' ruith san raon-chluich.
Faodaidh e cuideachd a bhith doirbh cadal ann an sìde theth. 'S dòcha gum bi na h-uinneagan fosgailte agus cha bhi feum air teas a bhith air.
Nuair a bhios i uabhasach teth, 's dòcha gun leagh uachdar an rathaid no gun lùb loidhnichean rèile.
Bidh teòthachd àrd a' toirt buaidh air lusan agus air beathaichean cuideachd.
Bidh cuid de lusan, mar tomàtothan, a' seacadh beagan ma tha i ro theth. The e doirbh do chuid de bheathaichean cuideachd ma dh'fhàsas i ro theth. Feumaidh sinn barrachd aire a thoirt do pheataichean airson a bhith cinnteach gu bheil uisge gu leòr aca agus nach fhàs iad ro theth.
Ach tha cuid de lusan 's de bheathaichean uabhasach measail air an teas. Tha nathraichean agus snàgairean eile fuar-fhuileach agus feumaidh iad teas na grèine airson am blàthachadh. Bidh measan tropaigeach mar mangothan agus bananathan a' fàs nas fheàrr ann an sìde bhlàth cuideachd.
Dè as toigh leat fhèin a bhith dèanamh nuair a tha i blàth a-muigh? Agus ciamar a bhios tu gad chumail fhèin fionnar nuair a bhios i ro theth?
Ciamar a bhios sìde theth a' toirt buaidh air beatha làitheil?
- Tha sìde bhlàth a' ciallachadh gum bi sinn mar as trice a' cur seachad barrachd ùine a-muigh: a' cluich, a' saidhcleadh, a' dèanamh picnic no barbecue.
- Nuair a tha i blàth, bidh sinn ag iarraidh dheochan le deigh agus biadh nas fhuaire, mar saileadan no reòiteag. Bidh iad sin a' cuideachadh le teòthachd ar bodhaig a chumail fionnar agus uisge gu leòr a chumail nar bodhaig bhon a bhios sinn a' cur dhinn barrachd fallais nuair a tha sìde theth ann.
- Nuair a bhios fallas deatachadhNuair a bhios uisge ag atharrachadh bho lionn gu gas., bidh e a' tarraing teas air falbh bho ar craiceann agus a' cumail ar bodhaig fionnar. Nuair a tha i teth, faodaidh daoine suas ri 5 liotairean fallais a chall ann an latha! 'S ann mar sin a tha e cho cudromach a bhith ag òl tòrr uisge ann an sìde theth. Faigh a-mach barrachd: Ciamar a bhios daoine a' cumail smachd air teòthachd?
- Ma tha i ro theth, faodaidh e a bhith doirbh d' aire a chumail air rudan sa chlas no cadal air an oidhche.
- Aig an taigh, chan fheum an teas a bhith air agad, agus 's dòcha gum bi na h-uinneagan fosgailte airson èadhar nas fhionnaire a leigeil a-steach.
Image caption, A' cur seachad barrachd ùine a-muigh
'S àbhaist dhuinn a bhith a' cur seachad barrachd ùine a-muigh nuair a tha i blàth – can a' gabhail picnic! (Scottish Viewpoint / Alamy Stock Photo
Image caption, Na bhios sinn ag ithe 's ag òl
Nuair a tha i blàth, bidh sinn tric a' gabhail dheochan le deigh agus biadh nas fhuaire, mar reòiteag, an àite biadh teth. (MitarArt / Alamy Stock Photo)
Image caption, Sìde bhlàth san sgoil
Nuair a bhios sìde bhlath ann, 's dòcha gum bi e doirbh ar n-aire a chumail air ar n-obair sa chlas, agus ma bhios tu a' ruith aig a' phleidhe, bidh thu a' faireachdainn nas teotha buileach. (Veryan Dale / Alamy Stock Photo)
Image caption, A' cumail nan taighean againn fionnar
Aig an taigh, bidh sinn a' cur dheth an teas agus a' fàgail nan uinneagan fosgailte airson èadhar nas fhionnaire a leigeil a-steach. (Roger Summers / Alamy Stock Photo)
1 of 4
Ciamar a bhios sìde theth a toirt buaidh air an t-saoghal mun cuairt oirnn?
- Ma tha an teòthachd uabhasach àrd, faodaidh uachdaran rathaidean leaghadh agus faodaidh loidhnichean rèile lùbadh.
- Tòisichidh cuid de lusan, mar lus tomàto, air seacadh, ma bhios an teòthachd ro àrd.
- Tha e doirbh air cuid de bheathaichean ma dh'fhàsas i ro theth. Feumaidh sinn barrachd aire a thoirt do na peataichean againn nuair a tha sìde theth ann. Feumaidh sinn a bhith cinnteach gum faigh iad fasgadh agus gu bheil uisge gu leòr aca ri òl.
- 'S caomh le cuid de bheathaichean an teas gu mòr. 'S fheàrr le beathaichean fuar-fhuileachBeathaichean nach urrainn smachd a chumail air an teòthachd aca iad fhèin. Feumaidh iad laighe anns a' ghrèin airson a bhith blàth no laighe anns an dubhar airson fuarachadh. Tha a h-uile snàgaire fuar-fhuileach., mar nathraichean agus snàgairean eile, sìde theth chionn feumaidh iad teas na grèine airson a bhith blàth.
- Bidh measan tropaigeach, mar mangothan agus bananathan, a' fàs nas fheàrr far a bheil gnàth-shìde theth, bhruthainneach. Sin an t-adhbhar gur e steach-bhathar à àitichean fada air falbh, mar Ameireaga a Deas, far a bheil i gu matha nas blàithe, as àbhaist a bhith anns na measan sin.
Image caption, Uachdar rathaidean a' leaghadh
Faodaidh uachdar rathaidean leaghan nuair a tha an teòthchd uabhasach àrd. (JamesJagger / StockimoNews / Alamy Stock Photo)
Image caption, Bidh lusan a' tiormachadh
Bidh cuid de lusan, mar lusan tomàto, a' tiormachadh agus a' seacadh nuair a tha an teòthachd ro àrd. (Martin Shields / Alamy Stock Photo)
Image caption, A' toirt an aire air peataichean
Tha e cudromach a bhith a' toirt barrachd aire dha na peataichean againn nuair a tha sìde theth ann. Bu chòir dhuinn dèanamh cinnteach gu bheil fasgadh aca agus uisge gu leòr ri òl. (Carolyn Jenkins / Alamy Stock Photo)
Image caption, Beathaichean fuar-fhuileach
Feumaidh beathaichean fuar-fhuileach a' ghrian airson a bhith blàth. Dìreach mar an laghairt seo a tha a' gabhail na grèine. (blickwinkel / Alamy Stock Photo)
Image caption, Measan tropaigeach
Bidh measan tropaigeach mar mangothan a' fàs nas fheàrr nuair a tha an teòthachd eadar 27 agus 36 °C. Feumaidh iad gnàth-shìde theth, bhruthainneach agus mar sin feumaidh sinn an toirt a-steach à dùthchannan nas blàithe. (Alamy Stock Photo)
1 of 5

- uisgeachadh - A' cur uisge ri rudeigin. Nuair a tha i blàth, dh'fhaodamaid tiormachadh agus tha e mar sin cudromach gun òl sinn uisge gu leòr.
- seacadh - Nuair a dh'fhàsas lus lag.
- beathaichean fuar-fhuileach - Beathaichean a tha an urra ri teas na grèine airson a bhith blàth. Tha a h-uile snàgaire, mar nathraichean agus laghairtean, fuar-fhuileach agus mar sin 's àbhaist dhaibh a bhith a' fuireach ann an àitichean le aimsir nas blàithe. Canar confoirmearan cuideachd ri beathaichean fuar-fhuileach.
- tropaigeach - Sìde theth, bhruthainneach. Bidh measan tropaigeach, mar mangothan agus bananathan, a' fàs nas fheàrr ann an sìde bhlàth.
Ceistean

Cruthaich faidhle fiosrachaidh mu bheathach no lus a bhios a' dèanamh gu math ann an sìde theth.
Sa bhidio aig bàrr na duilleig, fhuair sinn a-mach gun àbhaist beathaichean fuar-fhuileach, mar nathraichean agus laghairten, a bhith a' fuireach ann an dùthchannan nas teotha, agus gum bi measan tropaigeach, mar mangothan, a' fàs nas fheàrr far a bheil a' ghnàth-shìde nas blàithe.
Dèan rannsachadh air beathach no lus a tha a' fuireach ann an àite uabhasach teth. Sgrìobh aithisg ghoirid agus mìnich dhan leughadair carson a tha iad a' fuireach agus a' dèanamh nas fheàrr ann an àitichean le teòthachdan nas àirde.
Ma dh'fheumas tu tuilleadh cuideachaidh a' sgrìobhadh an fhaidhle fiosrachaidh, gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh a seo: Mar a sgrìobhas tu aithisg
Seo artaigilean a chuidicheas tu leis an rannsachadh agad:
Mar a bhios beathaichean a' cumail smachd air teòthachd. revision-guideMar a bhios beathaichean a' cumail smachd air teòthachd
Faigh a-mach mar a bhios giùlan bheathaichean gan cuideachadh gu bhith a' cumail teòthachd am bodhaigean mar bu chòir.

Biadh ràitheil. revision-guideBiadh ràitheil
Bidh na diofar ràithean a' toirt dhuinn diofar sheòrsaichean sìde. Bidh seo a' toirt buaidh air a' bhiadh a bhios sinn a' fàs agus ag ithe. Faigh a-mach tuilleadh mu bhiadh ràitheil.

Mar a chumas beathach smachd air teas a bhodhaig. revision-guideMar a chumas beathach smachd air teas a bhodhaig
Faigh a-mach mu na diofar dhòighean a tha aig confoirmearan agus riaghlaichean air teòthachd am bodhaig a chumail mar as còir.

More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count1 of 21
- count2 of 21