Prìomh fhiosrachadh
Faodaidh a' ghaoth buaidh a thoirt air ar beatha làitheil ann an iomadh dòigh.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mu bhuannachdan agus eas-bhuannachdan gaoithe
- Mar a ghabhas gaoth a chleachdadh airson lùth a ghintinn
- Mu aimsir ghaothach dhian mar gèiltean agus tornàdothan
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mar a bhios gaoth a' toirt buaidh air ar beatha agus air an t-saoghal mun cuairt oirnn.
Dh'fhairich sinn uile a' ghaoth a' sèideadh. Bidh a' ghaoth gar cuideachadh nuair a bhios sinn a-muigh le itealagan, le bàtaichean-siùil agus a' tiormachadh an aodaich nuair a bhios e air an ròp.
Faodaidh a' ghaoth ar cuideachadh, ach nuair a tha i ro làidir, faodaidh i milleadh a dhèanamh. Tha a' ghaoth a' toirt buaidh air ar beatha làitheil ann an iomadh dòigh.
Nuair a bhios a' ghaoth a' sèideadh mun cuairt oirnn, 's docha gum bi sinn a' faireachdainn nas fhuaire na tha teòthachd na h-èadhair dha-rìribh. Canaidh sinn factar fuachd na gaoithe ris an seo. Air latha teth, 's dòcha gun còrd fuachd na gaoithe riut, bidh e a' dèanamh ar bodhaigean nas fhionnaire agus chan fhairich sinn an teas buileach cho dona. Ach air latha fuar, bidh sinn a' faireachdainn gu math fuar agus feumaidh sinn aodach blàth a chur oirnn.
Tha a' ghaoth feumail ann an iomadh dòigh. Bidh i a' sgapadh sìol bho lusan mar na beàrnain-brìde, agus bho chraobhan siocamoir. Bidh an sìol ga shèideadh anns a' ghaoith agus a' tuiteam gu talamh far am fàs iad nan lusan ùra.
Bidh i a' sèideadh ceò agus truailleachd air falbh bho na bailtean. Bidh e an uair sin nas fhasa dhuinn faicinn.
Thèid againn air dealan a chruthachadh le tuirbinean gaoithe. Bidh a' ghaoth a' tionndadh lannan mòra a bhios a' cur car de ghineadair airson dealan a chruthachadh. Faodaidh sin cumhachd a thoirt dha na dachaighean agus dha na sgoiltean againn.
Ach chan eil a h-uile sìon mun ghaoith math. Faodaidh e bhith doirbh dràibheadh làraidhean is bhusaichean nuair a tha gaoth mhòr agus uspagan làidir ann.
Feumaidh plèanaichean, aiseagan agus trèanaichean cuideachd a bhith faiceallach. Chan fhalbh iad ma bhios gaoth mhòr ann leis nach bi e sàbhailte siubhal.
Faodaidh gaoth mhòr, no gèile, taidhlichean air mullaich thaighean a mhilleadh agus geugan chraobhan a bhriseadh.
Tha cuid dhe na gaothan as làidire a thèid a chlàradh air an Talamh ann an tornadothan. 'S e colbhan de ghaoth a' cur charan gu luath a th' ann an tornado. Bidh na colbhan air an cruthachadh eadar sgòthan stoirme agus an talamh.
'S ann sna Stàitean Aonaichte as trice a bhios tornadothan. Faodaidh iad milleadh mòr a dhèanamh.Bidh eadar 30 agus 50 tornado sa bhliadhna san Rìoghachd Aonaichte. 'S àbhaist iad sin a bhith gu math beag agus cha bhi mòran buaidh aca.
An-ath-turas a dh'fhairicheas tusa oiteag bheag a' sèideadh tro na craobhan, no a chluinneas tu a' ghaoth a' bualadh air an uinneig agad, smaoinich air a h-uile dòigh a dh'fhaodas a' ghaoth buaidh a thoirt air an t-saoghal mun cuairt oirnn.
Ciamar a bhios a' ghaoth a' toirt buaidh air ar beatha?
Buannachdan
- Tha sìde le oiteagan làidir math airson itealagan agus airson nigheadaireachd a thiormachadh a-muigh.
- Bidh gaoth a' gluasad teas agus taiseachd air falbh bho ar bodhaigean. Canaidh sinn factar fuachd na gaoithe ris a seo agus faodaidh e ar cumail fionnar air làithean teth.
- Tha gaoth cuideachd cudromach ann an nàdar. Bidh i a' cuideachadh cuid de lusan sgaoileadh le bhith a' sèideadh an t-sìl aca gu talamh ùr.
- Bidh i a' sèideadh air falbh ceò agus truailleadh ann am bailtean-mòra agus ga dhèanamh nas fhasa dhuinn faicinn agus nas fhallaine a' tarraing anail.
- Thèid againn air dealan a ghintinn le tuirbinean gaoithe.
Eas-bhuannachdan
- Faodaidh gaoth làidir buaidh a thoirt air mar a bhios sinn a' siubhal. Faodaidh uspagGaoth làidir a shèideas gu h-obann agus nach sèid ro fhada. gaoithe dràibheadh a dhèanamh doirbh gu h-àraid do bhusaichean agus do làraidhean. Chan fhalbh plèanaichean, aiseagan no trèanaichean ma tha i uabhasach fiadhaich chionn bidh gaoth mhòr a' ciallachadh nach bi e sàbhailte siubhal.
- Faodaidh factar fuachd na gaoithe toirt oirnn teas bodhaig a chall nas luaithe agus bidh sinn a' faireachdainn fiù 's nas fhuaire air latha fuar.
- Faodaidh fuachd na gaoithe lusan a mhilleadh agus 's dòcha gun tiormaich na duilleagan.
- Faodaidh gaoth mhòr eòin-imrich a chur far an cùrsa no an dèanamh sgìth.
- Faodaidh gèileGaoth uabhasach làidir. a bhith cho làidir 's gum falbh taidhlichean far nan taighean agus gum bris geugan chraobhan.
Image caption, A' sgaoileadh sìol
Tha cruth sìol siocamor coltach ri heileacoptair. Bidh iad air an sèideadh leis a' ghaoith agus bidh iad an uair sin a' tuiteam gu talamh far am fàs iad nan craobh ùr.
Image caption, Lùth-gaoithe
Thèid againn air dealan a ghintinn le tuirbinean gaoithe, mar na tuirbinean seo air Beinn Hagshaw, faisg air Dùbhghlas. (Andy Sutton / Alamy Stock Photo)
Image caption, Bacadh air siubhal
Faodaidh e bhith cunnartach siubhal nuair a tha gaoth làidir ann. Ma tha i ro fhiadhaich, chan fhalbh plèanaichean, aiseagan no trèanaichean gus am bi e sàbhailte. (Alister Firth / Alamy Stock Photo)
1 of 3
Tornàdothan
- Tha cuid dhe na gaothan as làidire air an clàradh air an Talamh rim faotainn ann an tornàdothan.
- 'S e colbh èadhair a' toinneamh aig astar a th' ann an tornàdo agus bidh e air a chruthachadh eadar sgòthan stoirme agus an talamh.
- Faodaidh iad tòrr millidh a dhèanamh le bhith a' leagail thogalaichean 's chraobhan.
- 'S ann anns na SA as motha a tha dhe na tornàdothan air an t-saoghal.
- San RA, bidh mu 30-50 tornàdo againn gach bliadhna ach 's àbhaist dhaibh a bhith gu math beag agus cha bhi iad uamhasach millteach.


- factar fuachd na gaoithe - Nuair a bhios gaoth a' sèideadh mun cuairt oirnn, 's dòcha gum fairich sinn i nas fhuaire na tha teòthachd na h-èadhair dha-rìribh chionn bidh gaoth a' gluasad teas agus taiseachd air falbh bho ar bodhaigean. Canar factar fuachd na gaoithe ris a seo.
- tuirbinean gaoithe - Muilnean-gaoithe mòr le lannan a bhios a' dol mun cuairt agus a' cur car de ghineadair agus a' dèanamh dealan.
- uspag - Gaoth làidir a shèideas gu h-obann agus nach sèid ro fhada.
- gèile - Gaoth uabhasach làidir.
- tornàdo - Seòrsa de stoirm anns am bi a' ghaoth a' cur charan ann an colbh eadar na sgòthan agus an talamh.
Ceistean

Dealbhaich itealag cho-chothromach
Tha gaoth lag uabhasach math airson itealagan. Feuch fhèin ri itealag a dhealbh airson latha gaothach. Feuch a-mach diofar dhathan 's phàtrain!
Cuimhnich…
Bidh cumadh 2sh co-chothromach ma ghabhas loidhne a tharraing troimhe 's gum bi gach taobh dhen loidhne a' coimhead an aon rud.
Faigh a-mach mar as urrainn dhuinn gaoth a chleachdadh airson dealan ath-nuadhachail a ghintinn.
Lùth na gaoithe. revision-guideLùth na gaoithe
'S e bun-lùtha ath-nuadhachail a th' ann an lùth na gaoithe a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. Faigh a-mach mar a bhios tuirbinean gaoithe ag obrachadh agus mar a dh'fhaodas iad ar cuideachadh gus a bhith beò ann an dòigh nas seasmhaiche.

More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count1 of 21
- count2 of 21
- count3 of 21