Prìomh fhiosrachadh
Bidh an t-uisge againn glè thric ann an Alba, ach dè th' ann an uisge agus cò às a tha e a' tighinn?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Cò às a tha uisge a' tighinn
- Mar a bhios sgòth air a cruthachadh
- Na tha diofar àitichean air feadh an t-saoghail a' faighinn de dh'uisge
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6, Clas 7 (A’ Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu uisge.
Tha an t-uisge a bhios a' glanadh d' fhiaclan agus a' dèanamh lòintean sam bi thu splaiseadh a' tighinn bho uisge an adhair.
'S e 'sileadh' a th' ann an uisge. Tha sileadh a' ciallachadh sìde sam bith nuair a tha uisge a' tighinn às an adhar: flin, clachan-meallain, sneachd no uisge. Canaidh sinn uisge ris nuair a tha e na lionn.
Chan eil cruth deòir air boinnean uisge mar a chì sinn glè thric ann an cartùn no ann an dealbhan. Nuair a thuiteas iad, bidh iad a' call a' chruth chruinn agus bidh iad nas coltaiche ri uachdar bonnach burgair. Tha feadhainn mhòra coltach ri paraisiut agus tuitidh iad aig suas ri 22msu!
Tha an t-àile làn deatach uisge, gas neo-fhaicsinneach gun dath. Nuair a bhios an èadhar a' fàs fionnar, bith an deatach uisge a' co-dhlùthachadh. Tha sin a' ciallachadh gum bi e ag atharrachadh bho bhith na ghas gu bhith na lionn agus bidh e na bhoinneagan beaga uisge.
Bidh na boinneagan sin a' cruinneachadh agus a' dol nan sgòthan.
Mu dheireadh, fàsaidh na boinneagan nas motha agus nas truime agus cha chùm an èadhar suas iad càil nas fhaide – tuitidh iad mar uisge.
Nuair a thuiteas e gu talamh, sruthaidh an t-uisge a dh'aibhnichean agus a lochan, agus mu dheireadh tillidh e dhan mhuir. Sùghaidh an t-uisge a-steach dhan talamh agus faodaidh lusan, beathaichean agus daoine a chleachdadh.
Tha cuid a dh'àitichean air an t-saoghal a' faighinn barrachd uisge na àitichean eile. Bidh eòlaichean-sìde a' tomhas sileadh uisge le gèidse uisge.
Tha cuid a dh'àitichean anns nach bi uisge idir. Canaidh sinn fàsaichean ris na h-àitichean sin. 'S e na h-àitichean as tiorama air an t-saoghal fàsach Atacama ann a Chile, le dìreach 15mm sa bhliadhna agus Srathan Tioram McMurdo ann an Antarctica le 100mm sa bhliadhna.
Tha àitichean eile ann a tha uabhasach fliuch. Mar eisimpleir, tha 2,275mm de dh'uisge ann an Earra-Ghàidheal gach bliadhna. 'S e Mawsynram anns na h-Innseachan an t-àite as fliche air an t-saoghal le 11,871mm de dh'uisge gach bliadhna!
Saoil dè na tha de dh'uisge a' tuiteam air an taigh no air an sgoil agadsa gach bliadhna? 'S dòcha gum faodadh tu a thomhas airson faighinn a-mach.
Cò às a tha uisge a' tighinn?
- Tha an èadhar làn deatach uisgeUisge nuair a tha e na ghas neo-fhaicsinneach..
- Nuair a bhios èadhar a' fuarachadh, bidh deatach uisge a' co-dhlùthachadh bho bhith na ghas gu bhith na lionn agus bidh e a' dèanamh bhoinneagan beaga uisge.
- Bidh boinneagan uisge a' dol còmhla agus a' dèanamh sgòthan.
- Bidh na boinneagan uisge a' fàs nas motha agus nas motha. Cha chùm an èadhar suas iad dad nas fhaide.
- Bidh na boinneagan uisge a' tuiteam gu talamh mar uisge.
Tha uisge às an adhar na phàirt de chuairt an uisge.
Uisge air feadh an t-saoghail
Faigh a-mach ciamar a thèid againn air uisge a thomhas agus coimeas a dhèanamh air sileadh uisge ann an diofar phàirtean dhen t-saoghal.
Image caption, Gèidse uisge
'S e inneal a th' ann an gèidse uisge a bhios a' tomhas dè na tha de shileadh uisge ann.
Image caption, Mawsynram
'S e Mawsynram anns na h-Innseachan an t-àite as fliche air an Talamh le 11,871mm de dh'uisge gach bliadhna.
Image caption, Earra-Ghàidheal
Tha 2,275mm de dh'uisge ann an Earra-Ghàidheal sa bhliadhna. Tha tòrr uisge a sin!
Image caption, Fàsach Atacama
'S e Fàsach Atacama ann an Chile aon dhe na h-àitichean as tiorama air an Talamh. Chan eil ann ach 15mm de dh'uisge gach bliadhna. Tomhais 15mm de dh'uisge agus chì thu cho beag 's a th' ann.
Image caption, Srathan Tioram McMurdo
Bidh sinn a' smaoineachadh gu bheil fàsaichean teth, ach bidh iad uaireannan gu math fuar cuideachd. Tha Srathan Tioram McMurdo san Antartaig uabhasach tioram. Tha mu 100mm de dh'uisge ann gach bliadhna.
1 of 5

co-dhlùthaich – Nuair a thèid uisge bho bhith na ghas gu bhith na lionn.
fàsach – Àite nach eil a' faighinn uisge no glè bheag.
eòlaiche-sìde - Neach-saidheans a bhios a' sgrùdadh sìde agus gnàth-shìde.
uisge – Sileadh uisge a bhios a' tuiteam às an adhar.
gèidse uisge – Inneal a bhios a' tomhas uisge.
sileadh – Uisge sam bith a thuiteas às an adhar. Faodaidh uisge, sneachd, clach-mheallain no flinne a bhith nan sileadh.
deatach uisge – Uisge nuair a tha e na ghas nach fhaic sinn.
Ceistean
More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count2 of 21
- count3 of 21
- count4 of 21
- count5 of 21