Riadh sìmplidhRiadh sìmplidh thar bloigh de bhliadhna

A' rannsachadh dè a' bhuaidh a th' aig reatan rèidh air sàbhaladh agus air iasadan. Tha riadh sìmplidh air obrachadh a-mach gach bliadhna a' cleachdadh reat an rèidh.

Part of Gnìomhan MatamataigsSgilean ionmhasachd

Riadh sìmplidh thar bloigh de bhliadhna

Mura tèid airgead fhàgail ann an cunntas-banca airson bliadhna shlàn, cha tèid ach bloigh dhen riadh a phàigheadh.

Eisimpleir

Obraich a-mach an riadh a choisinneas Damon air \(\pounds40\) ma dh'fhàgas e an t-airgead sa bhanca, aig riadh de \(8.5\%\) gach bliadhna, airson sia mìosan.

Riadh airson aon bhliadhna \( = 8.5\%\,de\,\pounds40\)

\(= \frac{{8.5}}{{100}} \times 40\)

\(= \pounds3.40\)

Riadh airson sia mìosan = \(\frac{1}{2}\,de\,\pounds3.40\)

\(= \pounds1.70\)

Balans ùr:

\(= 40 + 1.70\)

\(= \pounds41.70\)

Coisinnidh Damon \(\pounds1.70\) ann an riadh.

Feuch a' cheist seo a-nis:

Question

Tha \(\pounds560\) aig Eliza. Chuir i an t-sùim sin ann an cunntas-banca a tha a' pàigheadh riadh de \(3.7\%\) gach bliadhna.

Dh'fhàg i sa bhanca e airson dà mhìos.

Dè na tha de dh'airgead aig Eliza a-nis?